Mu ar deidhinn-ne

Am Buidheann'S e buidheann de dh'oileanaich, luchd-obrach na colaiste agus muinntir na coimhearsnachd a th' annainn a tha deònach dol a-mach a choiseachd mu aon turas gach mìos. Tha sinn ag iarraidh dol a choiseachd no a streap anns na beanntan no ann an àiteachan eile. Chan eil buill steidhichte againn agus tha gach cuairt fosgailte do dhaoine ùra. Chan eil buidheann stiùiridh againn a nì co-dhùnadh air an t-seòrsa cuairt, ach bidh sinn a' cruinneachadh diofar bheachdan agus a' moladh rudan a bhiodh a' còrdadh rinn. Tha e cudromach gum bithear a' moladh na thathar airson dèanamh. Cha tèid gach duine air gach cuairt, agus chan eil fear no ban stiùiridh steidhichte againn, mar sin bhiodh e math nam biodh diofar dhaoine a' moladh diofar rud agus nam biodh iad deònach dol a-mach air an ceann fhèin le buidheann de dhaoine.

Dè na goireasan a tha ri fhaighinn air an làraich?

Tha clàr nan tursan ann, le mion-fhiosrachadh agus cothrom clàraidh. Bidh e air leth goireasach dhuinn nam b' urrainn dhut clàradh airson turas air a bhios tu ag iarraidh falbh. Tha cothrom ann cuideachd ceistean fhaighneachd agus beachdan a thoirt seachad aig bonn gach duilleag turais.

Tha fòram ann cuideachd far am faodar molaidhean a thoirt os àrd, agus sanasan airson nan tursan agaibh fhèin fhoillseachadh. Gabhaidh duine eile a lorg air clàr bhall agus faodar fios a chur do neach-cleachdaidh eile tron duilleig cunntais aca.

Bidh teachdadaireachdan a' dol tron làraich cuideas, is mar sin, nach clàraich thu gus am bi cinnt agad gu bheil thu a' faighinn an fhiosrachadh chudromaich gu lèir. Ma tha ceist sam bith agad fhathast, cuir fios thugainn!

Dè bhios a dhìth ort airson pàirt a ghabhail?


Uidheam riatanach:

  • Brògan coiseachd làidir (cha dèan brògan-spòrs a' chùis!)
  • Aodach dìonach uisge agus gaoithe
  • biadh
  • deoch (tha deoch teth feumail sa gheamhradh)
  • Leus

Uidheam feumail:

  • Bataichean coiseachd
  • Camara
  • Uidheam ciad cobhair
  • stocannan, briogais agus brògan tioram a dh'fhàgar sa chàr

Thèid ainmeachadh ma tha uidheam a bharrachd riatanach airson cuairt (m.e. làmhag-deighe a.m.s.a.a.)
A bheil uidheam freagarrach agaibh?

Dè na riaghailtean againn?

Chan eil sinn measail air riaghailtean idir, mar sin, chan eil ach a dhà againn:

  1. Tha a h-uile duine a' gabhail uallach air/oirre fhèin. Feumar na na cuairtean a thaghadh fhèin a-rèir comasan a tha aige/aice.
  2. Feumaidh gach duine pàigheadh airson na cuairt anns a' mheanbh-bhus, agus thèid an t-suim ainmeachadh leis a' chuairt. Mar as trice 's e £1 a th' ann, ach dh'fhaodadh a' phrìs a bhith nas àirde a-rèir astar na cuairt.
  3. Tha sinn a' moladh gun leugh gach duine Còd Slighean Dùthchail na h-Alba

Powered by Drupal, an open source content management system
close button
Loading

CUDROMACH: Bidh thu a' gabhail uallach ort fhèin fad 's a bhios tu a' coiseachd còmhla ruinn.
Làrach-lìn air a dealbhadh le Wojtek Dziejma.